Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fon talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltainn air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Oir dh’amhairc mi, agus cha robh neach ann, agus nam measg cha robh fear-comhairle; no neach a bheireadh freagradh nuair a dh’fheòraich mi dhiubh.

Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha?

A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh;

Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Agus ghuil mi gu mòr, do bhrìgh nach d’fhuaireadh aon neach a b’airidh air an leabhar fhosgladh, agus a leughadh, no sealltainn air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan