Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.
Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.
Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.
Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.