Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 5:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus tha an taisbeanadh uile dhuibhse, mar bhriathran leabhair air a ghlasadh suas a bheir iad do neach aig a bheil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo, guidheamaid ort; agus their esan, Chan urrainn mi, oir tha e glaiste suas.

Fiosraichibh de leabhar an Tighearna, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul-sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad.

Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal-sa.

Agus tha aisling nan làithean, a chaidh innse, fìor: air an adhbhar sin druid thusa suas an sealladh, oir bidh e an ceann mòran làithean.

Agus thog mi suas mo shùilean a‑rìs agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ròla ag itealaich.

Agus bha aige na làimh leabhran fosgailte: agus chuir e a chas dheas air an fhairge, agus a chas chlì air an talamh.

Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Agus thàinig e, agus ghlac e an leabhar à deaslàimh an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair.

Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:

Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan