Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 4:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.

Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach, agus a slàinte mar leus lasrach.

A‑thaobh an cearcal, bha iad cho àrd is gum b’uamhasach iad; agus bha an cearcail làn de shùilean mun cuairt dhaibh nan ceathrar.

Agus a‑mach as a mheadhon mar an ceudna thàinig coslas ceithir bheò-chreutairean, agus b’e seo an aogas: bha iad ann am meudachd duine.

Agus bha ceithir aghaidhean aig gach aon dhiubh, agus ceithir sgiathan aig gach aon dhiubh.

Agus bha an corp gu h‑iomlan, agus an dromannan, agus an sgiathan, agus na rothan, làn de shùilean mun cuairt air gach taobh, eadhon na rothan a bha aca nan ceathrar.

Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir.

Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile-chumhachdach ag ràdh.

Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.

Thoir aire dhut fhèin, agus dod theagasg; buanaich annta: oir le seo a dhèanamh, saoraidh tu araon thu fhèin, agus iadsan a tha ag èisdeachd riut.

Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg.

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Ag ràdh, Bheireamaid buidheachas dhutsa, O Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, a tha, agus a bha, agus a bhitheas; airson gun do ghabh thu do chumhachd mòr ad ionnsaigh, agus gun do rìoghaich thu.

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.

Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.

Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile-chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus fa chomhair na rìgh-chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus mun cuairt den rìgh-chathair, bha ceithir beò-chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh.

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.

Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò-chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon.

Agus sheas na h‑aingil uile timcheall na rìgh-chathrach, agus nan seanairean, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus thuit iad air an aghaidh an làthair na rìgh-chathrach, agus rinn iad adhradh do Dhia,

Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan