Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 4:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre.

Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan;

Is uamhasach thusa, a Dhè, od ionadan naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treòir da shluagh. Guma beannaichte Dia!

Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.

Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

Agus nì thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas a lòchrain, a‑chum gun toir iad solas thall fa chomhair.

Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.

A‑thaobh coslas nam beò-chreutairean bha an aogas mar èibhlean dearga teine, cosmhail ri lòchran, a chaidh air ais agus air aghaidh am measg nam beò-chreutairean: agus bha an teine dealrach; agus as an teine thàinig a‑mach dealanach.

Agus beucaidh an Tighearna a‑mach à Sion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth, agus bidh crith air na nèamhan, agus air an talamh: ach bidh an Tighearna na ionad-dìdein da shluagh; agus na dhaingneach làidir do chloinn Israeil.

Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;

An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda.

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.

Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan