Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh-chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh-chathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Tha an Tighearna na theampall naomh; tha rìgh-chathair an Tighearna anns na nèamhan; chì a shùilean, rannsaichidh a rosgan clann nan daoine.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.

Is rìgh-chathair ghlòrmhor, àrdaichte o chian, àite ar n‑ionaid naoimh-ne.

Agus os cionn an speur, a bha thar an cinn, bha samhladh rìgh-chathrach, mar choslas clach saphir; agus air samhladh na rìgh-chathrach, bha taisbeanadh mar gum biodh coslas duine na shuidhe oirre.

Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.

An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh-chathrach.

Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.

Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh,

A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,

Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh-chathrach-san.

Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.

Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia,

Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,

Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.

Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan