Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e?

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn.

Oir is e an Tighearna ar sgiath, agus Aon naomh Israeil ar Rìgh.

Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn; agus fosglaidh e, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach.

Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil.

Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil.

Fasgnaidh tu iad, agus bheir a’ ghaoth air falbh iad, agus sgapaidh a’ chuairt-ghaoth iad; ach nì thusa gàirdeachas anns an Tighearna, nì thu uaill ann an Tì naomh Israeil.

A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e.

Ar fear-saoraidh, is e Tighearna nan sluagh as ainm dha, Tì naomh Israeil.

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu.

Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.

Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;

Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;

Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan