Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Sgrios gu robh air a shliochd; anns an àl a thig na dhèidh gun cuirear as da ainm.

Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.

Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh.

Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.

Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè.

Leig dhomh, a‑chum is gun sgrios mi iad, agus gun dubh mi a‑mach an ainm o bhith fo nèamh; agus nì mi dhìotsa cinneach as cumhachdaiche agus as mò na iadsan.

Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.

A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.

Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Tha beagan ainmean agad eadhon ann an Sardis, nach do shalaich an aodach; agus imichidh iad maille riumsa ann an culaidhean geala: oir is airidh iad.

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr-shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan