Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ur slighe, agus ur n‑uile dhèanadais, anns an robh sibh air ur truailleadh; agus bidh sibh gràineil nur sealladh fhèin airson ur n‑uile lochdan a rinn sibh.

An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan.

Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.

Thugaibh fa‑near, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm.

Air eagal air teachd dha gu h‑obann, gum faigh e sibh nur cadal.

Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.

O Thimòteuis, coimhead an nì sin a dh’earbadh riut, a’ seachnadh faoin-chòmhraidh mhì-naomha, agus co‑chogadh eòlais don toirear gu breugach an t‑ainm sin:

Cùm gu daingeann samhladh fìrinneach nam briathar fallain, a chuala tu uamsa, ann an creideamh agus ann an gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.

Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Ach tha mi a’ meas gur còir, am feadh a tha mi anns a’ phàillean seo, sibhse a bhrosnachadh le ur cur an cuimhne:

An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne:

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.

Ach cumaibh gu daingeann an nì a tha agaibh, gus an tig mi.

Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.

Feuch, tha mi a’ teachd gu luath: is beannaichte an tì a choimheadas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo.

Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.

Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan