Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.

Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa?

Dhàsan fosglaidh an dorsair; agus èisdidh na caoraich ra ghuth: agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad.

Na dèanaibh gearan an aghaidh a chèile, a bhràithrean, a‑chum nach dìtear sibh: feuch, tha am Britheamh na sheasamh aig an doras.

Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan