Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine:

Feuch, is nèarrachd an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile-chumhachdaich, matà, na dèan-sa tàir.

Le achmhasain airson euceirt nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheamh mar leòmann; gu deimhinn, is dìomhanas gach duine. Selah.

A Thighearna, ann ad chorraich na cronaich mi, agus ann ad fheirg na smachdaich mi.

Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa.

An tì a smachdaicheas na fineachan, nach cronaich e? An tì a theagaisgeas eòlas don duine, nach eil eòlas aige?

Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs.

An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse.

Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fada uaithe i.

A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.

O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh.

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.

Gu deimhinn chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: till thusa mi, agus bidh mi air mo thilleadh: oir is tu an Tighearna mo Dhia.

Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.

Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia.

An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain.

Agus chuimhnich a dheisciobail gu robh e sgrìobhte, Dh’ith eud do thaighe suas mi.

Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna;

Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal.

Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh;

Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.

Ach is math a bhith eudmhor ann an nì math a‑ghnàth, agus chan ann a‑mhàin nuair a tha mise an làthair maille ribh.

Bheir thu mar an ceudna fa‑near ann ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a mhac, gur ann mar sin a tha an Tighearna do Dhia gad smachdachadh-sa.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan