Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An do chuir thu gu tur cùl ri Iùdah? An d’fhuathaich d’anam Sion? Cuime an do bhuail thu sinn, agus gun aon chobhair againn? Bha ar sùil ri sìth, ach math cha tàinig; agus ri àm leighis, agus feuch àmhghar!

Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.

Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth.

Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan