Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal.

A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.

Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan.

Ephraim, mheasg esan e fhèin leis na cinnich; is aran nach deachaidh a thionndadh Ephraim.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

Agus do bhrìgh gum bi an eucoir air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran.

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna;

Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta.

Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:

O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal-sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth!

Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh-se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse:

Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:

Tha fear na h‑inntinn dhùbailte neo-sheasmhach na uile shlighean.

Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Gidheadh, tha nì‑eigin agam ad aghaidh, do bhrìgh gun do thrèig thu do chiad ghràdh.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.

Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan