Taisbeanadh 3:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh: Faic an caibideil |
Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.