Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 3:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e suas na puist ann an sgàth-thaigh an teampaill: agus chuir e suas am post deas, agus thug e Iachin mar ainm air; agus chuir e suas am post clì, agus thug e Bòas mar ainm air.

Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh-ionad pàilleanan an Tì as àirde.

Mar a chuala sinn, is amhail a chunnaic sinn ann am baile Tighearna nan slògh, ann am baile ar Dè; daingnichidh e e gu bràth. Selah.

Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah.

Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort, a ghairmeas beul an Tighearna.

Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte-sa; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich.

Oir feuch, rinn mise thu an‑diugh ad chathair dhaingnichte, agus ad phost iarainn, agus ad bhalla umha, an aghaidh na tìre seo uile; an aghaidh rìghrean Iùdah, an aghaidh a mòr-uaislean, an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluagh na tìre:

B’e fad an sgàth-thaighe fichead làmh-choille, agus a leud aon làmh-choille deug, agus anns an dol suas da ionnsaigh bha deich ceuman: agus bha pruip aig na puist, aon air an taobh seo, agus aon air an taobh eile.

Bha e mun cuairt ochd-mìle-deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin.

Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.

Air an ainmichear an teaghlach uile air nèamh agus air talamh,

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Agus chì iad a aghaidh; agus bidh a ainm-san air clàr an aodainn.

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan