Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 22:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chì iad a aghaidh; agus bidh a ainm-san air clàr an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Nì e ùrnaigh ri Dia, agus gabhaidh e gu coibhneil ris; agus chì e a ghnùis le gàirdeachas; oir ìocaidh e do dhuine a ionracas.

Air mo shonsa, ann am fìreantachd chì mi do ghnùis; sàsaichear mi, nuair a dhùisgeas mi, led choslas.

Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.

Tha tart air m’anam an dèidh Dhè, an dèidh an Dè bheò; cuin a thig mi agus a nochdar mi am fianais Dhè?

Seallaidh do shùilean air an Rìgh na mhaise; chì iad an tìr cian fad as.

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair.

An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain.

Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.

Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan