Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Oir gnìomh duine ìocaidh e dha agus bheir e air gach duine gum faigh e a rèir a shlighe.

Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh.

Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais.

Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd; feuch, tha a luigheachd maille ris, agus duais a obrach na làthair.

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.

Ma dh’fhanas obair neach sam bith a thog e air, gheibh e duais.

An tì a shuidhicheas, agus an tì a dh’uisgicheas, is aon iad: agus gheibh gach aon a dhuais fhèin, a rèir a shaothair fhèin.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Tha an Tì a tha a’ toirt fianais air na nithean seo ag ràdh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa.

Feuch, tha mi a’ teachd gu luath: is beannaichte an tì a choimheadas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo.

Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan