Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Uime sin thug mi thairis iad do ana-miann an cridhe fhèin; dh’imich iad nan comhairle fhèin.

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.

Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.

Ach nuair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Esan a dh’èisdeas, èisdeadh e: agus esan a dhearmadas, dearmadadh e; oir tha iad nan taigh ceannairceach.

Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice.

Leigibh leo: is cinn-iùil dhall nan dall iad. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais.

Agus air dha crann-fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann-fìge air ball.

Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras.

A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.

Is beannaichte an dream air a bheil acras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad.

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.

A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo-lochdach.

Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair:

Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.

A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh-chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan