Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 22:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e rium, Na seulaich facail fàidheadaireachd an leabhair seo: oir tha an t‑àm am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal-sa.

Innis dhaibh uime sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise air a’ ghnàth-fhacal seo sgur, agus cha labhair iad e nas fhaide mar ghnàth-fhacal ann an Israel: ach abair riu, Tha na làithean aig làimh, agus buil gach aon taisbeanaidh.

Ach thusa, O Dhanieil, druid suas na briathran, agus seulaich an leabhar, gu àm na crìche: ruithidh mòran sìos agus suas, agus bidh eòlas air a mheudachadh.

Agus thubhairt e, Imich romhad, a Dhanieil: oir tha na briathran air an druideadh suas, agus air an seulachadh gu àm na crìche.

Agus tha aisling nan làithean, a chaidh innse, fìor: air an adhbhar sin druid thusa suas an sealladh, oir bidh e an ceann mòran làithean.

An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean.

Agus seo, air dhuibh fios na h‑aimsir a bhith agaibh, gur mithich dhuinn a‑nis mosgladh o chadal, oir tha ar slàinte a‑nis nas fhaisge na nuair a chreid sinn.

Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais.

Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn-creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.

Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo:

Tha an Tì a tha a’ toirt fianais air na nithean seo ag ràdh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa.

Feuch, tha mi a’ teachd gu luath: is beannaichte an tì a choimheadas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo.

An sin thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: oir is co‑sheirbhiseach dhut mise, agus dod bhràithrean na fàidhean, agus dhaibhsan a choimheadas briathran an leabhair seo: dèan adhradh do Dhia.

Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan