Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh-chathair Dhè, agus an Uain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh-ionad pàilleanan an Tì as àirde.

Fosglaidh mi aibhnichean anns na h‑ionadan àrda, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; nì mi am fàsach na linne uisge, agus am fearann tioram na shruthan uisge.

O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:

Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis, agus luaisgear sibh air na glùinean.

O Thighearna, cuspair-dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd-ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò.

Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.

Agus tàrlaidh air an là sin, gun tèid uisgeachan beò a‑mach à Ierusalem; leth dhiubh ris an fhairge an ear, agus leth dhiubh ris an fhairge an iar: anns an t‑samhradh agus anns a’ gheamhradh bidh e.

Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.

Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.

Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.

Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal;

Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.

Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.

Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.

Agus thubhairt e rium, Tha na briathran seo dìleas agus fìrinneach. Agus chuir an Tighearna, Dia nam fàidhean naomha, a aingeal fhèin a nochdadh da sheirbhisich nan nithean sin as èiginn tachairt gu h‑aithghearr.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.

Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan