Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan.

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham?

An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.

Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as.

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag-chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin.

Eadhon esan, aig a bheil a theachd a rèir obrachadh Shàtain, maille ris an uile chumhachd, agus chomharraidhean, agus iongantasan breugach,

Tre cheilg bhreugairean, air a bhith dan cogaisean air an losgadh le iarann dearg;

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.

Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Cò tha na bhreugaire, ach esan a dh’àicheas gur e Iosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana-crìosd, a tha ag àicheadh an Athar agus a’ Mhic.

Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann.

An tì a chreideas ann am Mac Dhè, tha an fhianais aige ann fhèin: an tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimcheall a Mhic.

Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.

Agus cha mhò a ghabh iad aithreachas dem mort, no den draoidheachd, no den strìopachas, no den gadachd.

Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan