Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.
Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine:
Agus bheir mi a‑mach sliochd o Iàcob, agus o Iùdah, sealbhadair mo shlèibhtean; agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghte am fearann agus gabhaidh m’òglaich tàmh ann.
Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.
Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:
Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.
Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.
Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.
Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.
Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.