Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Oir agadsa tha tobar na beatha; ann ad sholas-sa chì sinne solas.

An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte.

Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.

Lèighsidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir thill mo chorraich air falbh uaithe.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.

Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, chan eil inneal-tarraing agad, agus tha an tobar domhain: uime sin cia as a tha an t‑uisge beò sin agad?

Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.

Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

A‑nis fhuair sinne, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia; a‑chum gum biodh aithne againn air na nithean sin a thugadh dhuinn gu saor le Dia.

A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach;

Uime sin na dèanadh neach air bith uaill à daoine: oir is leibhse na h‑uile nithean:

Cò e mas eadh Pòl, agus cò e Apollos, ach ministearan, tre an do chreid sibh, eadhon mar a thug an Tighearna do gach aon?

Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh-chathair, ag ràdh, Tha e dèante.

Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach.

Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:

Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan