Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad.

Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.

Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr-thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut.

Agus tillidh saor-dhaoine an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithreim, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh.

Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.

Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an àirde Shioin, agus cruinnichidh iad ri chèile a‑chum maitheas an Tighearna airson cruithneachd, agus airson fìona, agus airson ola, agus airson àlach an treud agus na sprèidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, agus cha dèan iad air aon chor bròn nas mò.

An sin nì an òigh gàirdeachas anns an dannsa, na daoine òga, agus na seann daoine le chèile: oir tionndaidhidh mise am bròn gu aoibhneas, agus bheir mi dhaibh comhfhurtachd, agus nì mi sòlasach iad an dèidh an àmhghair.

Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Sgriosar an nàmhaid deireannach, am bàs.

Agus iadsan a tha a’ gnàthachadh an t‑saoghail seo, mar dhream nach eil ga mhì-ghnàthachadh; oir thèid sgiamh an t‑saoghail seo seachad.

Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.

Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Agus siùbhlaidh an saoghal seachad, agus ana-miann: ach an tì a nì toil Dhè mairidh e a‑chaoidh.

Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.

Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh-chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.

Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan