Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah.

Cionnas a dh’fhàs a’ chathair dhìleas na strìopaich! Bha i làn de bhreitheanas, bha ionracas a’ gabhail còmhnaidh innte, ach a‑nis mortairean.

Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean-phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Gnàthaichidh iad fhathast a’ chainnt seo ann am fearann Iùdah, agus na bhailtean, nuair a bheir mise air a h‑ais am bruid, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, O àite-còmhnaidh a’ cheartais, O shlèibh na naomhachd.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.

Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear-dealbhaidh agus na fhear-togail.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia,

Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.

Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.

Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan