Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.
An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia.
Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.
Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha.
Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.