Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh.

Thomhais e air na ceithir taobhan e: bha balla aige mun cuairt, còig agus ceud slat air fad, agus còig agus ceud air leud a dhèanamh dealachaidh eadar an t‑ionad naomh agus an t‑àite coitcheann.

Bha e mun cuairt ochd-mìle-deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin.

Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla.

Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan-coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan