Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceumannan, air an taobh seo agus air an taobh ud. Cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.

Oir bha sinne nar tràillean, gidheadh nar daorsa cha do thrèig ar Dia sinn, ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilean rìghrean Phersia, a thoirt dhuinn ath-bheothachaidh a chur suas taigh ar Dè, agus a leasachadh na mhilleadh ann, agus a thoirt dhuinn balla ann an Iùdah agus ann an Ierusalem.

Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.

Sìth gu robh an taobh a‑staigh ded bhallachan, suaimhneas ad lùchairtean!

Dèan math, ad dheagh-ghean, do Shion; tog suas ballachan Ierusaleim.

Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach.

Cha chluinnear nas mò fòirneart ann ad fhearann, sgrios agus milleadh ann ad chrìochan; ach their thu Slàinte mar ainm rid bhallachan, agus Moladh rid gheatachan.

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan.

Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla.

Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin.

Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan