Taisbeanadh 21:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, Faic an caibideil |
Agus thubhairt iad ris, Feuch a‑nis, tha maille rid sheirbhisich lethcheud fear treun; rachadh iad, guidheamaid ort, agus iarradh iad do mhaighistir, air eagal gun do thog spiorad an Tighearna suas e, agus gun do thilg e e air beinn-eigin, no ann an gleann-eigin. Agus thubhairt esan, Cha chuir sibh uaibh iad.
Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.