Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.

Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich.

Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd-se, agus ur n‑ainm.

Agus thàinig ceithir beathaichean mòra a‑nìos as an fhairge, eug-samhail aon o chèile.

Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd.

Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan