Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

Agus dh’èirich seirbhiseach an duine le Dia gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e a‑mach, agus, feuch, bha armailt a’ cuartachadh a’ bhaile, maille ri eich agus ri carbadan; agus thubhairt a òglach ris, Mo thruaighe, a mhaighistir, cionnas a nì sinn?

An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile.

Agus las teine nan cuideachd; loisg an lasair suas na droch dhaoine.

Is ionmhainn leis an Tighearna geatachan Shioin thar uile ionadan-còmhnaidh Iàcoib.

Thèid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr-shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan-meallain mòra, teine agus pronnasg.

Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut.

Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo-umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.

Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan-còmhnaidh nach leo fhèin.

Agus nuair a rinn an sluagh gearan, mhì-thaitinn e ris an Tighearna, agus chuala an Tighearna e: agus las a fhearg, agus loisg teine an Tighearna nam measg, agus chuir e as dhaibhsan a bha an iomall a’ champa:

Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an lethcheud fear a thug seachad tùis.

Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile.

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.

Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias?

Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh-san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh.

Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan