Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Bha Iùdah agus Israel lìonmhor, mar a’ ghaineamh a tha ri taobh na fairge air lìonmhorachd, ag ithe, agus ag òl, agus a’ dèanamh subhachais.

Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin.

Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas.

Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.

Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, ag ràdh,

A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Ghog, tìr Mhagog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail, agus dèan fàistneachd na aghaidh,

Uime sin, dèan thusa, a mhic an duine, fàistneachd an aghaidh Ghog, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Ghog, àrd-phrionnsa Mheseich agus Thubail:

Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo-umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

Fòs, a mhic an duine, abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri fearann Israeil: Thàinig crìoch, thàinig a’ chrìoch air ceithir ceàrnan na tìre.

Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.

Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig.

Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith.

Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan