Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Ach glacaidh naoimh an Tì as àirde an rìoghachd, agus sealbhaichidh iad an rìoghachd gu sìorraidh, eadhon gu saoghal nan saoghal.

Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd.

Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.

Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.

Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.

Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.

Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs?

Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas-umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.

Agus bidh tu beannaichte, a chionn nach urrainn iad a’ chomain cheudna a thoirt dhut: oir gheibh thu comain ann an aiseirigh nam fìrean.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.

Oir mas e an tilgeadh-san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath-ghabhail ach beatha o na mairbh?

Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.

Ma dh’fhuilingeas sinn, rìghichidh sinn mar an ceudna maille ris: ma dh’àicheas sinn e, àichidh esan sinne mar an ceudna:

A rinn fianais air facal Dhè, agus air teisteas Iosa Crìosd, agus air gach nì a chunnaic e.

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Agus nuair a chrìochnaicheas iad am fianais, nì am fiadh-bheathach a dh’èireas as an t‑sloc gun ìochdar cogadh nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad.

Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach:

Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:

Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan