Taisbeanadh 20:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig. Faic an caibideil |
Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.