Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.

Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe.

Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol-chuireadh nan cridheachan.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann: a‑nis tilgear uachdaran an t‑saoghail seo a‑mach.

Mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t‑saoghail seo air a dhìteadh.

Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.

Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;

Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.

Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.

Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth.

Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.

Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.

Agus nuair a chrìochnaichear am mìle bliadhna, fuasglar Sàtan as a phrìosan,

Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan