Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh.

Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach.

Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan?

Na abair, Mar a rinn e orm, mar sin nì mi air: ìocaidh mi don duine a rèir a obrach.

Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan);

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Ach tha mi ag ràdh ribh gum bi staid Thìruis agus Shìdoin nas so‑iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhios ur staid-se.

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.

Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo-fhìrean.

A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan;

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.

Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan