Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

A chrathas an talamh as a àit, agus criothnaichidh a phuist:

Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh.

Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh-chathair a naomhachd.

Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do rìgh-chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis.

Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnaidh a rìgh-chathrach.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.

An sin bha an t‑iarann, a’ chriadh, an t‑umha, an t‑airgead agus an t‑òr, air am briseadh nam bloighdean le chèile, agus dh’fhàs iad cosmhail ri moll nan ùrlar-bualaidh anns an t‑samhradh, agus thug a’ ghaoth air falbh iad, air chor is nach d’fhuaireadh àite sam bith dhaibh: agus dh’fhàs a’ chlach a bhuail an ìomhaigh na sliabh mòr, agus lìon i an talamh.

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Ach tha mi ag ràdh ribh gum bi staid Thìruis agus Shìdoin nas so‑iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhios ur staid-se.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.

Agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh.

Agus theich gach uile eilean as, agus cha d’fhuaireadh na beanntan.

Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.

Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.

Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh-chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh-chathair.

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan