Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 20:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh-aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh dol sìos don doimhneachd.

Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;

Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.

Agus an dèidh nan nithean seo chunnaic mi aingeal eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, aig an robh cumhachd mòr; agus dhealraich an talamh le a ghlòir.

Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan