Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè.

Agus labhair iad mòran de nithean eile gu toibheumach na aghaidh.

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,

Agus thog e suas a shùilean air a dheisciobail, agus thubhairt e, Is beannaichte sibhse a tha bochd: oir is leibh rìoghachd Dhè.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia,

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;

Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh?

Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel:

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Eadhon gu robh, ann am mòr-dhearbhadh àmhghair, pailteas an aoibhneis, agus doimhne am bochdainn, ro‑phailt a‑chum saoibhreas am fialaidheachd.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

Oir gu deimhinn, nuair a bha sinn maille ribh, dh’innis sinn dhuibh ro‑làimh gu robh sinn gu àmhghar fhulang; eadhon mar a thachair, agus is aithne dhuibh.

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach;

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a’ chuid eile ann an Tiatìra, A mheud aig nach eil an teagasg seo, agus do nach b’aithne doimhneachdan Shàtain, mar a their iad, cha chuir mi uallach eile oirbh;

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan