Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.

Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.

Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.

Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.

Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i.

Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.

Cha b’urrainn na seudair ann an gàrradh Dhè a fhalach: cha robh na craobhan giuthais cosmhail ra mheanganan, no na craobhan geanm-chnò cosmhail ra gheugan: cha robh crann air bith ann an gàrradh Dhè cosmhail ris na mhaise.

Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

An sin dealraichidh na fìreanan mar a’ ghrian, ann an rìoghachd an Athar fhèin. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Ge bè neach aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.

Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.

Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè.

Gun do thogadh suas e gu Pàrras, agus gun cuala e briathran do‑labhairt, nach faod duine a labhairt.

Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh esan a tha o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gun tug sibh buaidh air an droch aon. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an t‑Athair.

Ma tha cluas aig neach air bith, èisdeadh e.

Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.

Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.

Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.

Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh-dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan