Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tha seo agad, gur fuathach leat obraichean nan Nicolaiteach, nithean mar an ceudna as fuathach leamsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Cha chuir mi olc sam bith fa chomhair mo shùl; is fuathach leam obair luchd-easaontais; cha lean i rium.

Is beag orm coitheanal luchd-uilc, agus le daoine aingidh cha suidh mi.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan