Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas.

Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach, a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich!

Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ur slighe, agus ur n‑uile dhèanadais, anns an robh sibh air ur truailleadh; agus bidh sibh gràineil nur sealladh fhèin airson ur n‑uile lochdan a rinn sibh.

An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan.

Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd.

Mar dhearcan-fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann-fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal-peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh.

An sin bidh tabhartas Iùdah agus Ierusaleim taitneach don Tighearna, mar anns na làithean o shean, agus anns na bliadhnachan roimhe seo.

Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios.

Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach.

Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.

Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.

Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas-umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.

Thig e agus sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. Agus nuair a chuala iad seo, thubhairt iad, Nar leigeadh Dia.

Chan eil tairbhe sam bith ann an Crìosd dhuibhse a tha air ur fìreanachadh tre an lagh; thuit sibh o ghràs.

A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail;

Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas;

Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin:

A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,

Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do ghràdh, agus do sheirbhis, agus do chreideamh, agus d’fhoighidinn, agus d’obraichean deireannach, gu bheil iad nas mò na do chiad obraichean.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan