Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, tha nì‑eigin agam ad aghaidh, do bhrìgh gun do thrèig thu do chiad ghràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain.

Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh-se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse:

Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:

Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.

Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan