Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.
Giùlainidh mi corraich an Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, agus an toir e breith air mo shon: bheir e a‑mach mi a‑chum an t‑solais; chì mi a fhìreantachd.
Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann-ceusaidh a ghiùlan.
Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal-sa leigidh mi sìos an lìon.
Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.
Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna.
Gun sinn a bhith a’ dèanamh uaill à nithean a tha thar ar tomhas, eadhon à saothairean dhaoine eile; ach tha dòchas againn, nuair a mheudaichear ur creideamh-se, gum faigh sinn farsaingeachd gu pailt annaibh a rèir ar riaghailt-ne,
Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.
Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.
A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain.
Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.
A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.
Agus guidheamaid oirbh, a bhràithrean, aithne a bhith agaibh air an dream a tha a’ saothrachadh nur measg, agus a tha os ur cionn anns an Tighearna, agus a tha gur comhairleachadh;
Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh:
Oir is ann uime seo a tha sinn an dà chuid ri saothair, agus a’ fulang maslaidh, do bhrìgh gu bheil dòchas againn anns an Dia bheò, neach as e Slànaighear nan uile dhaoine, gu h‑àraidh nan creidmheach.
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.
A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.