Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad-còmhnaidh.
Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar.
Agus their thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Amhail seo brisidh mise an sluagh seo, agus a’ chathair seo, mar a bhriseas neach soitheach a’ chreadhadair, nach faodar a shlànachadh a‑rìs; agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àite ann gu adhlacadh.
Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd.
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain.
Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh-chathrach-san.
Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.