Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.
Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.
Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.
Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.
Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.