Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 2:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Sàsaichear iad gu mòr le saill do thaighe, agus à abhainn do shòlasan bheir thu orra òl.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Gabh soitheach, agus cuir ann làn omeir de Mhana, agus taisg e an làthair an Tighearna, gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean.

Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.

Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan.

Oir mar seo deir an Tighearna, Do na caillteanaich a choimheadas mo shàbaidean, agus a roghnaicheas an nì a thaitneas rium, agus a nì greim air mo choicheangal;

Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as.

Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort, a ghairmeas beul an Tighearna.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich-sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich-sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich-sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:

Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte-sa; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich.

Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn-diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt.

Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Ach thubhairt esan riu, Tha agamsa biadh ra ithe air nach eil fhios agaibhse.

Ach cha ghabh an duine nàdarra ri nithean Spiorad Dhè: oir is amaideachd leis iad; agus chan eil e an comas dha eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.

Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.

Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.

Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan