Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.
Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.
Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.
Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.
Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.
Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.