Taisbeanadh 2:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha. Faic an caibideil |
Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.