Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.
Sgeadaich mi thu fòs le obair-ghrèise, agus chuir mi brògan de chraiceann bruic ort, agus chrioslaich mi mun cuairt thu le anart grinn, agus chòmhdaich mi thu le sìoda.
Agus tàrlaidh, nuair a thèid iad a‑steach air geatachan na cùirte a‑staigh, gum bi iad air an èideadh le aodach-lìn; agus cha tig olann air bith orra, am feadh a tha iad a’ frithealadh ann an geatachan na cùirte a‑steach, agus an taobh a‑staigh.
Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.
Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.
Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.